Head Teacher (Primary), GAELIC ESSENTIAL, Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar, HGH21721 - HGH21721
| Company: | Highland Council |
|---|---|
| Salary: | £76,617 to £76,617 a year |
| Hours: | Full-time |
| Location: | Lochaber, PH33 7NX |
| Working pattern: | On-site |
| Job type: | Permanent |
| Posting date: | 27 Oct 2026 |
| Closing date: | 9 Nov 2026 |
Summary
Job Description
Tiotal Dreuchd: Ceannard-sgoile (Bun-sgoil)
Àite: Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar
Uairean: 35 san t-seachdain
Ùine: Maireannach
Tuarastal: £76,617 Per Annum
Neach Fiosrachaidh: Kirsty Clark Post-d:
kirsty.clark@highland.gov.uk
Cuiribh a-steach IARRTAS AIR-LOIDHNE.
Tha fileantas sa Ghàidhlig riatanach airson na dreuchd seo.
Às dèidh 1 Lùnastal 2020, chan fhaod Ùghdarrasan Ionadail ach na h-earrannan a leanas de dhaoine a chur an dreuchd mar Cheannardan-sgoile maireannach: -
1) Daoine a tha air an Inbhe airson Ceannardas a choileanadh.
2) Daoine a chaidh a chur an dreuchd mar Cheannardan-sgoile maireannach air sgoil phoblach, sgoil a tha a’ faighinn taic-tabhartais no sgoil neo-eisimeileach air no ro 1 Lùnastal 2020.
Faodaidh neach nach eil air an Inbhe airson Ceannardas a choileanadh fhathast a bhith air an cur an dreuchd mar cheannard-sgoile, fhad ’s nach eil an dreuchd a’ mairsinn nas fhaide na 30 mìos.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach
mura h-eil sibh a’ coinneachadh
an dà shlat-tomhais a leanas:
- Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
- Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair ann an dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.
Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a tha a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Tha pasgan ath-shuidheachaidh aig a’ chomhairle agus math dh’fhaodte gum bi seo ri fhaotainn dhan tagraiche shoirbheachail.
Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail.
Requirements
GTCS Registration is essential
Related jobs
Senior Technical SEO & AI Search Specialist
£40,000 to £55,000 per year, pro rata
The Big Phone Store
RemotePermanentFull timeSenior English–Polish Translator & Localisation Specialist
from £42,000 per year
Karolina's Hub
RemotePermanentFull time