Skip to main content

This is a new service. Help us improve it and give your feedback (opens in new tab).

English |

Community Engagement Officer (35hpw) (Fixed Term for 18 Months), Highland Wide - HGH22114

Company:Highland Council
Salary:£41,423 to £44,899 a year
Hours:Full-time
Location:Highland, IV3 5NX
Working pattern:Hybrid
Job type:Temporary
Posting date:27 Oct 2026
Closing date:9 Nov 2026
Apply for this job

Summary

Job Description

Dreuchd: Oifigear Com-pàirteachadh Coimhearsnachd

Àite: Ioma-dhòigheach (le dùil a bhith san Eilean Sgitheanach is Ratharsair airson 2 latha san t-seachdain gu cuibheasach)

Uairean: 35 uairean

Ùine: Stèidhichte airson 18 mìosan/Cothrom fo-fhastaidh

Tuarastal: £41,423 – £44,899

San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.

Neach-fios: Lena Walker Fòn: 01349 886606

Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.

Adhbhar Obrach:

Gnìomhachd chom-pàirteachaidh agus atharrachadh obrachail a chomasachadh, a chuideachadh is a lìbhrigeadh sa choimhearsnachd Ghàidhlig, a’ buileachadh is a’ cur taic ri gnìomhan is toraidhean Sgìrean Cànain Sònraichte air feadh Uàrd an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair. Bidh seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ togail is a’ cumail suas com-pàirteachasan is dàimhean ionadail le luchd-labhairt fileanta, luchd-ionnsachaidh, teaghlaichean, daoine òga, buidhnean ionadail, buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean poblach gus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh, togail is adhartas cànain a bhrosnachadh, lìonraidhean is cothroman Gàidhlig a leudachadh, agus taic a chur ri tar-chur eadar-ghinealaich is cleachdadh coimhearsnachd mar phàirtean riatanach de shiostam cànain soirbheachail.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach

mura h-eil sibh a’ coinneachadh

an dà shlat-tomhais a leanas:

  • Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.

  • Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.

Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.

Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.

Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail.

Requirements

  • Foghlam gu ìre ceuma no teisteanas proifeiseanta buntainneach;

     

NO

 

  • Seall, tro eòlas air a bhith ag obair ann an dreuchd obrach co-ionann, comas foghlaim a tha aig ìre ceuma. 

     

Driving licence and/or access to personal transport

Apply for this job

Related jobs

Support Worker (Early Learning & Childcare) (Gaelic) Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - HGH22008

£22,179 to £22,792 per year

Highland Council

Inverness

On-sitePermanentFull time

Air Conditioning Installers Required (Subcontractors)

AE Energy Solutions LTD

RemoteContractFull time

Independent B2B Sales Agent – Self-Employed, Commission Only

£12,000 to £50,000 per year

WASHROOM WIZARD LTD

RemoteContractPart time
Browse more jobs